Gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig agus gus àireamh an luchd-labhairt a leudachadh, agus gus cur ri ìre cleachdaidh na Gàidhlig san teaghlach, feumaidh na Comataidhean beachdachadh air mar a chumar taic ri agus mar a leudaichear cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan ùra: coimhearsnachdan bailteil agus luchd-ionnsachaidh inbheach. Mar sin *a bharrachd air* a bhith a’ toirt an làn thaic dhan bheachd eile a chuireadh dhan cho-chomhairle seo air a bheil “The Government must increase support for the Gaelic Language”, a tha a’ dèiligeadh ri coimhearsnachdan traidiseanta, feumaidh Comataidhean beachdachadh air na leanas cuideachd: - Gum feumar bun-structar iomchaidh a chruthachadh do dh’inbhich a tha airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha soirbheas LearnGaelic agus Duolingo air sealltainn gu bheil feum air bun-structar coileanta agus co-òrdanaichte gus na ceudan de luchd-ionnsachaidh a thoirt do dh’fhileantachd gach bliadhna. Ach aig an àm seo, ’s e glè bheag de luchd-ionnsachaidh a dh’fhàsas fileanta mar thoradh air bun-structar ionnsachaidh nach eil leasaichte gu leòr. Gu sònraichte, bu chòir do na Comataidhean taic a chumail ri raon de chùrsaichean bogaidh làn- is pàirt-ùine gus taic a chumail ris an iomairt ùr SpeakGaelic. - Solar thidsearan Gàidhlig – seo cuspair a tha dlùth-cheangailte ri bun-structar ionnsachaidh na Gàidhlig, gu sònraichte dòighean anns an urrainn do dhaoine a tha nan tidearan mar-thà Gàidhlig ionnsachadh bho ìre fìor thòiseachaidh. - Gum feumar àrainnean a chruthachadh anns an gabh Gàidhlig a chleachdadh ann an co-theacsa bailteil – mar eisimpleir, ionadan Gàidhlig agus seirbheisean poblach a bhith rim faighinn sa Ghàidhlig. Tha coimhearsnachdan na Gàidhlig, sean is ùr, dlùth-cheangailte is eadar-eisimeileach agus tha e deatamach gun toirear taic dhan dà chuid ma tha an cànan gu bhith seasmhach mar chànan dachaigh, teaghlaich agus coimhearsnachd agus ma i gu bhith tèarainte mar chànan nàiseanta.
This content is created by the open source Your Priorities citizen engagement platform designed by the non profit Citizens Foundation